aboutchristopherwhyte.com
 

 

 

 

Bàrdachd Bhudapest, le Raghnaill MhicIlleDhuibh

RUGADH mì fhìn agus Crìsdean Whyte a-staigh do na meadhan-chlasaichean san aon phàirt de Ghlaschu. Cha robh ach sia bliadhna eadarainn, oir rugadh mi fhìn ann an 1946 agus Crìsdean ann an 1952.

Cha robh leanabas toilichte aig fear seach fear againn, ’s tha tòrr againn ann an cumantas. Tha a bhith a’ leughadh nan dàintean aige coltach ri bhith ann an taigh a chaidh ’na theine ’s a tha loma-làn smùid, a’ ruith mar na h-ùird a lorg an dorais, agus a’ tighinn seachad air fear eile tha a’ ruith a-cheart cho luath an rathad eile.

Thàinig an ìomhaigh seo air leth làidir thugam nuair a leugh mi dàn a sgrìobh e mu Ghlaschu a tha a’ tòiseachadh le dealbh de Bhaudelaire “joyeux de fuir une patrie infâme”, oir tha na facail “tìr na cuthaich” ann dà uair. An dàrna uair:

...bha maidnean ann, an dèidh dhomh dùsgadh,
bha eagal ormsa, nuair a bheanadh bonn
mo choise ri brat-ùrlair ’n t-seòmar-cadail,
gur ann an tìr na cuthaich shiùbhlainn-sa,
’s cruth-atharrachadh a’ bhail’ air tighinn gu buil.

Tha seo san dàrna dàn de 18 a rinn (neo a chrìochnaich) Crìsdean ann am Budapest am-bliadhna. An toiseach dàn fada le ceithir earrannan mu Ghlaschu (‘Ceum air Cheum’); an uair sin a dhà mu phàrantachd, sia mu dhiofar chuspairean, agus dàn fada eile le sia earrannan mu Shomhairle MacGill-Eain (‘Gnùis nach Dealbhaichear air Bearradh a’ Chuilithinn’).

Tha ‘Ceum air Cheum’ I don bhàrd Luis Cernuda a theich às an Spàinn ’s a bha ’na fhear-teagaisg an Oilthigh Ghlaschu bho 1938 gu 1943. Cha robh dad aig Cernuda mun àite, ’s cha bheag an t-iongnadh. Far a bheil Crìsdean a’ cur cuimhn’ air a dhachaigh ’na cheann, bidh ar smuaintean a’ tilleadh gu mac Iain Deòrsa ann an Afraga a-Tuath:


                        Bhiodh tus’ a’ coimhead
air ais gu cùirtean falaichte am baile
t’ àraich, a bha làn de fhlùraichean
’s crèadh-leacan datht’, daoine ’nan suidhe ann,
’s an teas eu-tròcaireach, gun ghluasad beòthail

fad feasgair samhraidh, ann an camhanaich
’s e meallt’, a’ feitheamh air an oidhche fhìor.

Tha earrann iongantach ann an ‘Ceum air Cheum’ II mun mhì-riarachadh a thaobh dhòighean teagaisg a thug air Crìsdean cùl a chur ri Roinn Litreachas na h-Alba an Glaschu ’s aghaidh air Budapest. Cuspair mì-choltach, shaoileadh tu, ach ann an làmhan Chrìsdein tha e bàrdail dha-rìreabh:

                                 B’ e dòigh

air ionnsachadh a chunnaic mi san teagasg,
cluiche le bun-bheachdan ’s beachdan-bharail,
a’ plathadh is a’ boillsgeadh is a’ stealladh
gus am bitheadh uiread dhiubh san t-seòmar
’s nach robh fhios agad dè am fear bu chòir dhut
roghainn airson tòiseachadh às ùr,
no dè an seòladh anns an rachadh tu
’s a leithid a shlighean fosgailte nad inntinn.

’S iad stèidhichte air eisimpleirean Eòrpach (Tsvetaeva, Radnóti, Brodsky), tha ‘Ceum air Ceum’ III agus IV ’nan smuaintean air Glaschu ’s air dùthchas bàrdail. “Cha b’ urrainn do bhàrd, / thuirt thu,” tha Crìsdean ag ràdh ri Cernuda fhathast, “a dhualchas no a thìr a roghainn, / air neo a chànan . . .”, agus tha e cuimhneachadh tè de pheathraichean a mhàthar:

Rugadh i, mar a rugadh mo mhàthair,
faisg air Glaschu, cha robh iad riamh fuireachd
an Èirinn, ach bha tìr am breith ’s an àraich
’na h-àite-fògraidh ’na an sùilean, ’s iad
cuairtichte le nàimhdean ’s srainnsearan

gu ìre ’s nuair a bha i ann an dachaigh nan seann daoine gun d’ thuirt i gun robh na daoine mu thimcheall oirre “dìreach Albannach”. Tha Crìsdean a’ co-dhùnadh:

Bha tnù agam ri neach a dh’fhairicheas
srath, sliabh no coille mar bhall a chuirp fhèin.
Tnù, iomachomhairle is ionndrainn mhòr.

Is iad ‘Aig Uaigh nach eil Ann’ agus ‘An dèidh Dhomh Èisteachd ri Ceòl Steve Reich, aig an Zeneakadémia ann am Pest, san Dàmhair 2003’ na dàin as fheàrr de na sgrìobh Crìsdean am Budapest. Tha rudeigin sònraichte mun deidhinn, oir an uair a sgrìobh e eachdraidh a bheatha mar a nochd i san duanaire a dheasaich mi fhìn, An Tuil, cha do dh’ainmich Crìsdean a phàrantan idir. Ann an ‘Aig Uaigh nach eil Ann’ tha na faclan seo a’ seasamh a-mach: “olc” na màthar ri mac (tha am facal ann ochd uairean), “màbadh” an athar ri mhac (dà uair), “dearmad” an athar ri mhnaoi (uair), “gaol” a’ mhic ri phàrantan (còig uairean), agus “gràin” no “fuath” a’ mhic ri mhàthair (uair gach gin).

Tha 28 rannan ann an ‘Aig Uaigh nach eil Ann’, agus tha iad cho fìnealta, dlùth-shnaidhte, drùidhteach, draghail ri dad a leugh mi sa Ghàidhlig riamh. Tha ‘Steve Reich’, air an làimh eile, a’ nochdadh taobh geal na pàrantachd, agus tha seo cuideachd air a sgrìobhadh sa chiad phearsa:

Nuair a bha mi fhathast am broinn mo mhàthar,
sheinn i ann an cuirm . . .

Dh’innis mo mhàthair dhomh, cha b’ ann aon uair
(is bhiodh m’ athair ag èisteachd ruinn
le deàrrsadh àraidh ann a shùilean) nach
do sheinn i riamh cho dian ’s cho deònach
mar a rinn i an uair sin. Dh’fhairich i
gur ann nar dithis a bha sinn a’ seinn,
ise ’s a mac a bha ’na broinn.

Tha e co-dhùnadh “gur fortanach air leth a bhios am pàiste / a bha ’na phàirt de chuirm ’s e ’m broinn a mhàthair.”

Tha mi dol a leum thairis air an ath shia dàin, a tha a’ cur tuilleadh feòl’ air cuspairean anns an robh Crìsdean an sàs cheana, ’s a thighinn dìreach chun an t-sreath mu MhacGill-Eain. Tha ‘Gnùis’ I mu thòrradh a’ bhàird; gu mì-shealbhach, ’na mo bheachd-sa, thagh Crìsdean atharrais air meadarrachd “bàirdne” nach eil ag obair idir gun rannaigheachd cheart. Ann an II agus IV tha e a-mach air na trì uairean a thachair e ris a’ bhàrd, agus ann an III tha e a’ faighneachd – gun dùil ri freagairt – car son a bha Somhairle cho brùideil dha ’s a bha e. Saoilidh mi gu bheil ceangal eadar a’ cheist seo agus an tè a tha V a’ cur: “Co leis a thèid mo ungadh?” Is toil leam an “ìomhaigh mhòr” seo, ungadh a’ bhàird òig, agus is toil leam gu mòr an “ìomhaigh bheag” a tha sa cho-dhùnadh gun robh

       ’m faireachdainn agam, gu ìre bhig,
a bhios aig sgoilear air neo deucon . . .
dh’èireas bhon àite far na lùb e ghlùn
gun phàipear no tiotal no ungadh air a ghruaidh . . .
gur iasg e, dh’àiticheas na h-uisgeachan
as doirch’, ’s e ceiltinn boillsgeadh òir a lannan
gus am bi iad ullamh ris an leus.

Tha an talamh, mar sin, air a threabhadh ’s air a chliathadh; ann an VI tha Crìsdean a’ cur an t-sìl. ’S e ionnsaigh air Somhairle tha seo, ach ged a tha i car brùideil chan eil i mì-reusanta, oir tha Crìsdean air leth draghail mu dhìmeas Shomhairle ri bhàrdachd fhèin, ‘An Cuilithionn’ gu sònraichte a rèir choltais, agus mar a thrèig e a “dhreuchd” ’s a “thàlainn”. Tha e a’ crìochnachadh:

Ach mairidh na dàintean, a chionn gura h-fheàrr    iad
na sibh fhèin, cho fileanta buadhach ’s gun    creidear

nach tàinig iad bhuaibh, ach b’ ann thugaibh a    thàinig,
’s nach robh ann ur beul clis ach ionnsramaid    ealant’
a chleachd is a dh’ùisnich rùn eile nach b’ eòl    dhuibh.
Bu ghlic’ ur cuid bàrdachd na ’n duine a sgrìobh i,
nas coilionta, maireannaich’. Mairidh ur dàintean.”

Tha mise a’ creidsinn gur e dàn math agus cudromach a th’ ann an ‘Gnùis’ VI. Car son a rinneadh beag-dhia de Shomhairle? Cha robh ann ach duine. Thug e dòchas dhuinn, gun teagamh, aig an àm bu mhotha bha feum againn air. Thug na dàin aige brosnachadh do mhòran. Dh’fhàg e comharradh, mar dhuine, air an t-saoghal taobh a-muigh na Gàidhlig. Ach dh’fhàg mise ‘Hallaig’ às An Tuil, ’s chan eil ach beagan sheachdainean bho thuirt sgrìobhadair Gàidhlig rium: “Rinn Somhairle dhà na thrì pìosan bàrdachd a bha math.”

Thàinig an t-àm air son deasbad farsaing mu MhacGill-Eain ’s mun obair aige, agus ’s e ‘Gnùis nach Dealbhaichear air Bearradh a’ Chuilithinn’ an t-sradag a lasas e.

 


Gus 2002 bha Raghnaill MhicIlleDhuibh bha e teagasg ann an Roinn na Ceiltis aig oilthigh a’ bhaile cheairt agus a nis bidh e sgrìobhadh air a shon fhèin, gu h-airidh air cuspairean Gàidhlig ’s a tha beantainn ris a’ Ghàidhealtachd. Nochaidh na h-aistidhean aige gu tric ann The Scotsman.

top of the page

a
b
o
u
t
c
h
r
i
s
t
o
p
h
e
r
w
h
y
t
e