aboutchristopherwhyte.com
 

 

 

 
Na bha gad tharraing chun na cànain seo

Na bha gad tharraing chun na cànain seo,
mura bu chleamhnas e, spreigeadh na fala,
dìlseachd don dùthaich, air neo arraghlòir
nàiseantach de ghnè sam bith, no boile
glèidhteachais, no dìblideachd mion-chànain
eile theab a bhith ga dhubhadh às,
ceanglaidhean an teaghlaich, gnìomhachas
no leanailteachd fear-rannsachaidh na cainnt -
ach dleastanas, am faireachdainn gu robh

thu cunntachail airson na thachradh ris
na faclan seo, na dòighean-labhairt seo,
ri ainmeannan nam beanntan air am bi
neach a’ streap, ’s a’ ruighinn mullaich àird,
gun chomas sam bith aige ’ainm a chumadh
air bilean leisg, neo-ealanta... Nan robh
faireachdainn dleastanais ’na adhbhar aig
an dìcheall seo, tha air do shìor ghlacadh
fad fichead bliadhna làn mì-mhisneachaidh,

làn neo-chomais, is spàirn, is liobastachd,
gun bhruadar an t-soirbheachaidh ach a’ plathadh
airson mòmaid no dhà... Nam b’ e dleastanas
a thug ort seo a dhèanamh, ’s dòch’ nach b’ e
seachranaich’ a bh’ annad, neach fo chùirn,
no duine bhrist a-steach air còmhradh, ’s e
gun dligh’ a ghuth a bhith ga chluinntinn ann,
ach gu robh thu fhèin nad bhall dhen teaghlach
dìreach bho thùs, ’s do roinn ’s do dhligh’ an siud.

[an t-Sultain 2006]

 

AN T-AMADAN

Thàinig e nuair a bha mi dol ga thrèigsinn,
am flat san robh mi fuireachd fad còig bliadhna
deug, an dèidh dhomh seachdain ’s leth chur seachad
a’ lìonadh bhogsaichean ’s gan càrnadh suas
anns an seòmar-amraidh, gach aon leabhar

a chruinnich mi, ’s a thog mu thimcheall orm
balla daingeann gus mo dhìonadh bho
àite nach robh mi ’g iarraidh a bhith ann,
balla a dh’fhàs ’na chnap-starraidh cuideachd
a leag mi sìos a-nis, breig an dèidh breig,

’s am flat gach là nas fhailmhe, ùrail’, deasaicht’
ri daoine fhàilteachadh nach robh mi eòlach
orra, bho nach deach an lorg-san fhathast...
Nochd e, mar gum b’ ann ’na chriomag phàipeir
loisgt’, a dh’aisig gaoth fad às bhon teine,

dubh, uilleach, boillsgeach, ’s chunnaic mi nach b’ e
rud marbh idir a bh’ ann, ach beò, gur leòman
de seòrs’ air choreigin e, a fhuair a-steach
don fhlat aig àm mòr-atharrachaidh, àm siubhail,
’s a theirinn air cnap pràise ’n t-seòmar-amraidh,

mar gum b’ ann a dh’aon gnothaich a rinn...
Chuimhnich mi taigh eile, ann an ceàrn
dheas dhen Eadailt, is na dh’innseadh rium
an uair sin, gur e spiorad th’ anns an leòman
a fhuaras ann an taigh leth-àitichte

no nach eil duine sam bith ’g àiteachadh,
an spiorad aig cuideigin a bhàsaich ann,
’s gum b’ eudar aire ’s urram a nochdadh dhà...
Dh’fheòraich mi cò, am measg a h-uile duine
a bha beò no a bhàsaich anns an fhlat,

air fad na dà linn bhon a chaidh a thogail,
roghnaich a thighinn air ais gus sùil a thoirt
air na bha tachairt a-nis, ann an Dùn Èideann,
aig toiseach blàthail fhoghair, gus teasraiginn,
is dòcha, no draoidheachd a choilionadh

nach do thuig mi, ’s nach robh e cudthromach
gun tuiginn. Cha do bhean mi ris, ach dh’fheith...
Dh’fheith mi is chuala, air an dàrna mhadainn
as dèidh sin, aig an uinneig, ann an solas
làinnireach, lìomhaicht’ grèine fàillinnich,

bualadh nan sgiath iomagaineach ris
an leòsan. Chunnaic mi dearbadan-dè
le dathan anabarrach spàideal, beòthail,
a bha ag iarraidh air ais gus an àile.
Ghlac mi ann am bìocar gus a chur

ma sgaoil e, ’s smaoinich mi gur amadan
a bh’ annam, le mo sgeulachdan mu dhaoine
marbha, ’s spioradan... Ach bidh mi feòrachadh
fhathast dè ’m beannachd no an teachdaireachd
a thug e, no ’n deas-ghnàth a choilion e...

[an t-Sultain 2006]

 

Bu chòir dhut mothachadh do mar a bha

Bu chòir dhut mothachadh do mar a bha
am farmad a’ cnàmh, cha b’ ann a-mhàin
a chàil-sa fhèin, ach càil bhur càirdeis cuideachd.

Dhearbh thu mar thà, ach cha robh an teagasg
maireannach gu leòr, cho gàbhaidh foilleil
’s a tha caraid a bhitheas a’ sìor mholadh

t’ aodaich no t’ fheartan, a’ meas gu cùramach
gach onoir ’s ìre thugadh dhut, a chionn ’s
gun iarradh e iad a bhith aige fhèin,

ged nach aidich e claonadh a fharpais.
Gabhaidh e thu mar phàtran, ’s e gad chleachdadh
gus e fhèin a dhealbhadh beag is beag,

’s mar a thig e, ’na shealladh fhèin, nas fhaisge
gus na mhiannaich ’s na dh’amais e air,
feumaidh e bhith saltairt ort ’s do mhilleadh,

a chionn ’s gum faod e dìochuimhneachadh
nach b’ ann dheth fhèin a tharmaicheadh a rùn,
gur lethbhreac e air na rinn duine eile.

Is tus’, a bhiodh ag èisteachd ri a mholadh,
is gann gun tuigear leat carson a tha
gach blàths is ùidh a nochd e a’ dol grod.

Ach na bha ga spreagadh, ’s e sìor fhàs
nas cudthromaiche, neo-thruacanta, cinnt
a bhigeid fhèin, cha leig i riamh e saor.

[am Faoilteach 2007]

 

Dh’fhàg mi thu cho fad’, cho fad' air ais

Dh’fhàg mi thu cho fad’, cho fad' air ais
’s gur gann gun creid mi gu robh sinn nar càirdean.

Lean thu air t’ astar roghnaichte, a’ trusadh
nan eòlach a bha coltach a bhith feumail,

’g amas air àite, cuireadh, air neo duais,
a’ sìor bhuannachd na bha thu ’g amas air,

is tu cho foighidneach, ealanta, dùr.
Chomharraich thu gu mionaideach am fearann

a dh’iarr thu buaidh a bhith agad air,
a’ cosnadh urram ’s inbhe beag air beag,

gun aire thoirt ri na b’ fheudar dhut ìobradh.
Gu dè bha sin? An saor-thoil, ’s dòch’, a’ ghuanachd,

caraid no dhà, an gàirdeachas, an t-àrd-
èibhneas corporra, ’s tusa ’s do chèile

a’ dèanamh cloich dhen dìlse agus teadhair
dhen ghaol a bh’ ann aon uair. Bha e air fàs

’na charragh-chuimhn’ air rud a chaidh à cuimhne.
Dh’fhàg mi thu fad’ air ais, mar ris a h-uile

rud a bh’ agam an siud, a mhiannaich thu,
adhbharan air na bh’ agad rium dhe fharpais,

oir shearg e ’na mo làimh, chaill e gach luach.
B’ fheudar dhomh falbh bhon a mharbhadh mo mhir’.

Dhùisg i a-rithist, an seo, an dùthaich chèin,
am measg aodainnean ùra nach do chuir mi

eòlas orra ach a chionn mìos no dhà.
Is mise tionndadh gus an àirde far

an robh thu, chan e farmad, aithreachas
no cianalas a bhios mi faireachdainn,

ach iongnadh, ’s tus’ air fàs cho beag, a’ dol
à sealladh air rathad a shabhail mise.

[am Faoilteach 2007]

 

ÀS DÈIDH A’ GHALAIR

Budapest, Nyírő Gyula kórház

I

San ospadal, bhiodh faothachadh a’ tighinn
aig tòiseachadh an fheasgair, is an teas
a’ fàs nas lugh’, an leus a’ fàs nas maoith’.
An dèidh do na banaltraman an cuairt
mu dheireadh a bhiodh ac’ a choilionadh,
is faclan coibhneil, neo pileachan cadail,
a thoirt a-mach, chaidh ciùine beag is beag
a sgaoileadh fad nan trannsaichean. Cha b’ ann

gu tric a chluinnte còmhradh, air neo glaodhaich,
bho eushlainteach air choreigin san t-seòmar
a bha faisg air an t-seòmar agam fhìn.
’S a’ chamhanaich a’ fàs nas teinne, caoimh’,
cha chuirinn air an t-solas, leiginn leis
an dorchadas a dhol an dlùths, cha bhiodh
mo shùilean a’ sireadh gu neo-fhoiseil
an deilbh air a’ bhalla, faic an robh

dà dhealbh ’na àite fhathast, ’s frèamaichean
mu thimcheall orra nach do bhean ri chèile.
Fad trì làithean bha iad a’ dlùthachadh,
gus nach fhaca mi, aig a’ cheann thall,
ach aon cheart-cheàrnag, aig a bha oirean
siùbhlach is neo-shoilleir. Cha b’ e sin
a bha ’na chiallachadh don t-sonas neònach,
dhomhainn a thigeadh ormsa aig an àm.

 

II

’S dòcha nach robh a dh’adhbhar ann ach siud,
gu robh mi faireachdainn teàrainte, sàbhailt’,
gum b’ fheudar do neach eil’ fhaighinn a-mach
dè bha air tachairt rium, an tubaist mhòr
no dhiombuan, tè a ghabhadh slànachadh
air neo nach ghabhadh. Bhitheadh smaointeannan
neo-àbhaistich a’ tadhal orm: an robh
(mar eisimpleir) fear a bha uaireannan

faisg air mo chridhe, gus an deach ar càirdeas
fhuarachadh, comasach air mo leònadh
a bhàrr air mo mhì-chùram dìblidh fhìn,
leis na chunnaic mi a dhroch-aign’ ann.
Bu neònach e ’n t-amharas is bu ìseal!
Ach sheallainn air craoibh àraidh bha ag èirigh
gu seasmhach, stèidhicht’ taobh eile na h-uinneig’,
crathadh a dhuillich thruim gu faicilleach

an osaig mheata, chaoimh toiseach na h-oidhche,
(mar nach b’ urrainn dhi creidsinn ’na fortan,
gun do lùghdaich aintighearnas na grèin’) –
sheallainn, is dhùraiginn gum bitheadh gach
ciùrradh, buaidh olc no droch-aigne ga ruighinn
far na sheas i, is gu leòr a neart
aig a freumhaichean ’s a stoc ’s a bheireadh
bàrr air an ionnsaigh chaidh seachad orm fhìn.

 

III

Bha mi air faicinn, taobh eile na h-uinneig’,
air a’ chabhsair, ro na bùthannan,
beatha là àbhaistich a’ dol air adhart,
mar gum b’ ann air àrd-ùrlar a bha
sin uil’ a’ tachairt, ’s na daoine gun fhios
air an t-sonas fhèin, sonas a bh’ agam
cuideachd gus ach beagan ùin’ air ais -
ga ghiùlan air an aodannan, ’nan làimhean,

anns gach gluasad faoin a rinneadh leò,
gun mhothachadh idir d’ a mhìorbhaileachd.
Is m’ àbhaisteachd fhìn air caochladh an dòigh
cho iongantaich, lean mi an gnìomhachadh
mar gum b’ e dealbh-chluich e, ’s dùnadh aige
nach gabhadh ro-inns’, ach a lorgainn-sa
nan robh mi foighidneach ’s gleusda gu leòr.
Cha robh e cinnteach idir gun cheadaicht’

mo nochdadh fhìn a rithist ann am measg, 
air neo gun chosnainn uair eil’ an neo-shuim,
an nàdarrachd a bh’ ac’ uile, ’s a chaill mi.
Ach bha mo staid ’na mìorbhail leatha fhèin,
is dhùraig mi, nan slànaichte mo shùilean,
nan gabhadh onfhadh buaireasach na fala
’nam chuisleannan a chiùineachadh ’s a riaghladh,
nach tilleadh an neo-air’ a bh’ agam roimhe.

 

IV

Is, on as dual do dhuin’ a thachras tùbaist
mhòr ris, no tha coltach a bhith mòr,
adhbhar no mìneachadh a shireadh oirre,
sa chreideamh bhochd gu bheir e ris, ma gheibhear,
cumhachd air an àm ri teachd is air
an àm a dh’fhalbh, gur mearachd àraidh rinn e
bu choireach ris a’ mhì-fhortan a thàinig,
gur peanas air neo binn a bha ’na ghalar,

sgrùd mi gu pongail na mìosan deireannach,
a’ rannsachadh mo ghnìomhtharra ’s mo smuaintean.
Sgrùd mi eadhon a’ chuid a th’ againn uile,
a mhiannaicheas am bàs, a bu chaomh leatha
gun a bhith beò idir. Cha do lorg mi
eucoir no lochd no dearmad a b’ fhiach àireamh,
no teagasg eil’ ach seo: gur e an dreuchd
as doirbhe shònraichear do gach aon dhinn

a bheatha fhèin a bhith aige, beatha
nach b’ urrainn do neach eile aithneachadh
no chruthachadh, is esan fhèin ’na bhritheamh
deireannach air mar a shoirbhich leis;
’s mo shaoghal ga thoirt air falbh dhiom car sealan
’s an dèidh sin, ceum air cheum, ga thoirt air ais,
nach rachadh cùnntas air neo freagairt iarraidh
ach air mo chogais, mo mhothachadh fhìn.

[an t-Ògmhios 2007]

 

AN T-ÒGMHIOS ANN AN VÁC

Mìos còisir mhòr nan eòin aig ceithir uairean
sa mhadainn, mìos drùidheadh a-steach na grèin’
san fhlat, ’s a gathan mar meòirean, a’ sireadh
àite pàirteachadh nan cùirtean, gus an tarraing
air falbh bho chèile, ’s iad cho tan’ a-cheana!

Mìos fosgladh gu farsaing gach uile uinneig, mìos
eadar-dhealachaidhean cudromach na teòthachd
eadar an taobh a-staigh ’s an taobh a-muigh,
an aon sheòmar a tha againn a’ fantainn
beagan nas fionnaire air fad an latha,

ach, mu fheasgar, a’ tòiseachadh a’ leigeil
na chruinnich e dhe theas a-mach san adhar.
Mìos cadal ciùin na margaid, ’s meadhan-latha
a’ dlùthachadh oirnn, gach mosgladh nach fheumail
ga sheachnadh, ach am fear a reiceas mìl

cùm fàire airson ceannaiche no dhà.
A’ mhìos shubh-làireach, shiristeach, ach feumaidh
neach a’ feitheamh ri làn-abaichead
nan apracot, no gus am bi gach peitseag
’na siansadh singilt’, air a chur ri chèile

le ùghdar diofaraicht’, na blasan uile
a’ spreagadh eadar mullach a’ bheòil ’s an teanga
cho luath, do-bhacaidh, is nach fhaighear cothrom
air an aithneachadh no ainmeachadh!
A’ mhìos is ìomhaighean de chloich nan naomh

baroque tha rangaichte air cuilbh na plàigh’
air gach còmhdach geamhrachail a bh’ aca
leigeil dhiubh. Gabhaidh deàrrsadh na grèin’
a mhealtainn fhathast leò cho fad ’s nach fhàs i
loisgeach, garg mar a bhitheas anns an Iuchair.

Sa mhìos ud, bidh an teas a’ cuimhneachadh
gach pian do-fhulang a thachradh air sràid
am martarachd ’s an glanaidh. Ach a-nis
is stèidhicht’, ciùin an còmhradh-san, an guthan
cha mhòr nach urrainn do chluais dhaonn’ an cluinntinn.

A’ mhìos, is sinn a’ teàrnadh air an gang
gu ruig na h-aibhne maill, sam mothaichear
gu grad do dhraoidheachd làin an teile mhòir:
dh’fhàs a duilleagan nas duirch’, is tha i
air a flùraichean a leigeil sìos,

a’ dol ’na factaraidh dhe mhìl, ’na teampall
uain is buidh’ dhe chùbhraidheachd, nach lìon
monmhar nan cailleach dubh a tha ri ùrnaigh,
ach crònan mìltean sheilleanan ag obair.
Mìos an t-suidhe chomhfhurtail sa cheàrnaig,

aig chafaidh bheag nach eil fada bhon eaglais
is neul no dhà a’ cruinneachadh mu chrìch
an lèirsinn, air cùl mullaichean nan taigh
a chaidh an togail san ochdamh linn deug,
mar actairean a’ fantail gus a’ mhòmaid

cheairt san fheudar nochdadh air àrd-ùrlair,
sa chamhanaich, an uair a thig stoirm bheag
le uisg’ a dh’ùraicheas na càbhsairean.
Mìos nan coiseachd sèimh ri taobh an Duna
mun àm a thèid a’ ghrian, ’s i dearg, am falach

air cùl nam beanntan ròmach, uain’ mu thuath,
far a bheil lùbadh mòr san aibhn’, is crìoch
nan Slòbhagach. Nas fhaisge air a’ bhaile,
cho luath ’s a thèid a’ phlànaid às an t-sealladh,
fàsaidh gnùis nan uisge deàlrach, bàn,

mar gum b’ e teàrmann màirnealach an latha
a bh’ innte, air neo teisteanas, no cuimhne
air an leus tha gèilleadh ris an oidhche.
A’ mhìos ’s na gobhlain-ghaoith’ ag itealaich
air bhoile ann an ciaradh mall nan speur,

’s a liuthad a mheanbh-chuileagan rim fhaighinn,
os cionn strì fearachail na h-aiseige
an aghaidh ’n t-srutha, gus bruach chian a ruigheachd.
’Na dèidh cha shiubhlar gu àite sam bith,
oir cha bhi ceann-uidh’ eil’ ann ach an leabaidh.

Ri fuaimneachadh ‘Va-ats’.
Ri fuaimneachadh mar gong sa Bheurla (ach bidh an ‘g’ mu dheireadh ga   chluinntinn): bogha ìosal aig ceann   lònaid big a’ fosgladh air an abhainn.
Canar Danube ris an abhainn seo anns a’ Bheurla, is Donau anns a’   Ghearmailtis; ach an dèidh na h-Ostair, is e Dunaj no Duna bhios ac’ oirre   mar as trice.

[an t-Iuchar 2007]

 

MUSICA CALLADA IX

Bhon a rinn mi a chluinntinn a’ chiad uair,
tha ’m pìos beag ciùil sin ceangailte rid bhàs.
Cha robh sinn a’ fuireachd san aon bhaile:
mar sin, an uair a bha mi ag iarraidh
bhith nas dlùith’ ort, streapainn air cnoc àraidh

nach fhada bho mo thaigh, is dh’fhairichinn
gu robh na speuran, thusa ’s Dia (math dh’fhaoit’)
nas fhaisg’ orm, ’s seòrsa cleamhnais eadaraibh.
Cha robh ’m pìos beag ciùil neo-thruacanta,
mòrchuiseach no cudromach, ach dìreach

sìmplidh ’s goirid. Bha e ciallachadh
gun tachair rudan coltach anns an t-saoghal,
gun dèan iad pàirt dhen fhìrinneachd, eadhon
an fhìrinneachd agam fhìn, gum bitheadh tu
dol bàs, gad chall, gur ann gun chrìch

a bha an t-sàmhchair fhad’ a thàinig ort.
A nis, ’s mi ’g èisteachd ris uair eile, trì
bliadhna deug an dèidh do bhàis, bidh e
ciallachadh an aon rud, a’ dùsgadh annam
’n aon imcheist, an aon chiùin’ do-mhìneachadh.

[an t-Iuchar 2007]

 

DUIN’ IS A CHÙ

Tuigidh mi gum bi e coimhead gòrach,
mo shuidheachadh an seo, ’s mise air trèan
aig meadhan fheasgair, fàgail a’ phrìomh-bhaile,
cuartaichte le daoine sgìth, ach toilicht’,

an deireadh-seachdain ac’ a’ tòiseachadh,
cuid dhiubh a’ leughadh nam pàipearan-naidheachd
a cheannaich iad sa mhadainn, ach a dh’fhàs
sean is liath’, a strì riutha, oir tha

gach uinneag anns a’ charbaid fosgailte,
’s gaoth chabagach ar siubhail gan dèanamh
àimhreiteach, do-smachdaichte. Bidh mi,
san eadar-àm, ag innleachadh dain ùir,

ann an cànain ’s i cho coigreach, cian
gun coimhead m’ oidhirp, anns na ceàrnan seo,
math dh’fhaodt’ nas reusanta na nochdadh i
san dùthaich far an tèid a cleachdadh fhathast.

Chan abrainn idir gun do shoirbhich e,
am plan’ a bh’ agam o chionn fichead bliadhna,
’s uimhir a dhàintean tasgte anns an drathair
mar èideadh ùr, a cheannaich mi gun fhios

cùin’ a gheibhte cothrom a chur umam,
no ciod e ’n t-àite far am foillsichte.
Aig meadhan-latha ràinig fiosrachadh,
an leabhran beag, a ruig mi leis a’ phost,

mu dhèidhinn bàird tha soirbheachail gu dearbh,
is e ’na bhall dhe bhuidhinn a nì turais
air fad Breatainn, air Latha Nàiseanta
na Bàrdachd - fear a bhios cha mhòr gach rud

a sgrìobhar leis ga chlò-bhualadh gun dàil,
fear nach do rinn a dhùthaich fhèin a thrèigsinn
los gum biodh e beò measg fhaclan eile,
measg aodainnean a tha neònach, ach coibhneil,

fear a chum air adhart ag obrachadh,
a’ teagasg is a’ tairgse a chuid eòlais
gus na daoine òga. Thubhairt e,
a rèir na tha ri leughadh anns an iris,

gu bheil sgrìobhadh na bàrdachd, air a shon,
coltach ri nuair a nì e coiseachd feasgar
còmhla ri chù, a chionns nach urrainn dhà
innis ro-làimh dè ’n àird san tèid a dhraghadh,

’s a’ bhiast aig ceann an taoid cho guanach, faoin.
Na bu riatanaiche ’na bheatha fhèin,
agus ’na bàrdachd cuideachd, b’ e an gaol,
tha e ag ràdh, a nochdadh ris san teaghlach.

Is ged a tha a smuain-san beagan gnàthach,
ged a tha mi creidsinn gu bheil cuspair
duilich ri cur an cèill ’s ri aideachadh
nas freagarraich airson dàin, chan iarr mi

a bhreugnachadh, do bhrìgh gur e rud sin
nach eil mi eòlach air, no air a luach.
Aidichidh mi, ma thà, an làn-soirbheas
a bha, ’s a tha gu bhith aige, ’s a chù,

’s cha robh ’nam rùn rud eil’ ach sin, bhith cur
an cèill gu robh mi toilichte ’nam dhòigh,
mise cuideachd, ann am Budapest,
air neo fàgail a’ bhail’, feasgar Dihaoin’,

toilichte leis an dàn a dh’innlich mi,
’g àth-bheothachadh cànain aosmhoir, is i
cho bòidheach ris an tè chluinnear mun cuairt orm,
ged nach dèan ach dòrlach beag mo leughadh.

[an Lùnastal 2007]

 

top of the page

 
 
a
b
o
u
t
c
h
r
i
s
t
o
p
h
e
r
w
h
y
t
e